Jump to content

Chì mi na mòrbheanna

From Wikisource
Chì mi na mòrbheanna (1856)
Iain Camshroin
289135Chì mi na mòrbheanna1856Iain Camshroin

Sèist:
O, chì, chì mi na mòrbheanna;
O, chì, chì mi na còrrbheanna;
O, chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgorran fo cheò.

Chì mi gun dàil an t-àite 'san d' rugadh mi;
Cuirear orm fàilte 'sa chànan a thuigeas mi;
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam,
Nach reicinn air thunnachan òir.

Sèist

Chì mi ann coilltean; chì mi ann doireachan;
Chì mi ann maghan bàna is torraiche;
Chì mi na fèidh air làr nan coireachan,
Falaicht' an trusgan de cheò.

Sèist

Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean;
Sluagh ann an còmhnaidh is còire chleachdainnean;
'S aotrom mo cheum a' leum 'gam faicinn;
Is fanaidh mi tacan le deòin.

Sèist

Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachnach;
Fàilt air na còrr-bheannaibh mòra, mulanach;
Fàilt' air na coilltean, is fàilt' air na h-uile -
O! 's sona bhith fuireach 'nan còir.

Sèist


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.