Jump to content

Mo Shùil Ad Dhèidh

From Wikisource
Mo Shùil Ad Dhèidh
Donald MacNicol (1735-1802)
289132Mo Shùil Ad DhèidhDonald MacNicol (1735-1802)

Dh’ éirich mi moch air mhaduinn an-dé
‘S gun ghearr mi’n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgéil
An dùil gu ‘m faicinn fhéin rùn mo chléibh
Och òin gu ‘m faca ‘s a cùl rium féin.

Och òch mo chailinn ‘s mo shùil ad dhéidh
Och òch mo chailinn ‘s mo shùil ad dhéidh
Mo Lili mo Lili ‘s mo shùil ad dhéidh
Cha léir dhomh am bealach aig cumha nan deur.

Na’m biodh sud agam mo lùth ‘s mo leum
Mi ‘m shuidh’ air a bheallach ‘s mo chù air èill
Gun dèanainn-sa cogadh gu làidir treun
Mu’n leiginn mo leannan le fear tha fo’n ghréin.

Tha mulad orm-sa is fiabhras mór
O chualas gu ‘n deach’ thu le Brian a dh’òl
Mo chomunn cha deanain ri mnaoi tha ‘san fheòil
O rinn thu mo thréigsinn ‘s mi fhéin a bhith beò.

O chan eil uiseag no aoilinn bhàn
Am bàrr a’ chaisteil far’n robh mi ‘s mo ghràdh
Nach bheil ri tuireadh do’oidhche ‘s do là
O chual iad gun ghlacadh mo chailinn air làimh.

Nan tigeadh tu ‘m baile le d’ ghille ‘s le t-each
Gu’m fosglainn an dorus ‘s gu leiginn thu steach
Gu’n dèanainn do leapa ‘s gu’n laidhinn fhéin leat
‘S cha b’fhad leinn an oich’ ‘s biodh mìos innt air fad.

Och òch mo chailinn ‘s mo shùil ad dhéidh
Och òch mo chailinn ‘s mo shùil ad dhéidh
Mo Lili mo Lili ‘s mo shùil ad dhéidh
Cha léir dhomh am bealach aig cumha nan deur.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.