LEISGIAL
Cha chum faire clamhain no speireig an t-isean fo iomaill a neadachaidh. Ni momha ’thréigeas a’ chluas fuaimneachd cànain na h-òige. Bidh, air a’ mhodh sin, mo leisgial air bhrath, ma ghabh mi ceann air tùs mo bhriathrachais. Is e so an t-aobhar gu’n a rùnaich mi na foghairean ia roimh “eu.” Oir cha’n’eil seòl anns am faigh mi taitneas nam facal a b’aithne dhomh, ann an éideadh coimheach. Ceart mar an reusan ciadna, cordaidh na facail: a-mhàin, a-ghnàth, a-muigh, a-màireach, etc., etc., rium na’s fheàrr le buabainn na an riochd eile. Far an tachair “tighinn” ort air a ghiorrachadh gu ti’n, tagraidh mi an dearbh leisgial. Cha tig mun a, etc., cho deas do’n pheann ri “mun do;” etc., ach thaobh mi doigh-labhrach mo ghnàths. Dh’ fhaoidte gu’m bu chòir domh “ganruchadh” a ghabhail airson gamhrachadh; ach rinn mi litreachadh an Eilein air. Chleachd mi am facal: gheallaras leis an t-seadh, “an geall air fios”—co-dhiùbh mar a thog mis’ e. Ma tha Pearda a mi-fhreagairt airson “Page,” theagamh nach ’eil an dàimh-brìghe air seachran. Tha e soilleir c’arson a roghnaich mi an seol-sgrìobhaidh—far an amais sin air caochladh seadh—mar a tha: mu chuach na h-aoidheachd, an àite “mu chua(i)ch na,” etc.; air cluas coimhich an àite “air clua(i)s, etc. Thig a’ togail fàireadh an fhir eile airson “a’ togail fàir(i)dh,” etc., fo’n aona seòl-rùin. Chleachd mi am facal, foirefhios eadar dhealaichte bho “forfhais; dh’ fhaoidte gu’ bheil tionndaidhean eile mu lùib-sgrìobhaidh air nach tug mi iomradh. Ach do-bhrìgh gur h-e ùidh sgeòil a’ bh’anns an amharc agam—cha’n e teagasg foclair—theagamh nach talaich seang na Gàidhlig air m’oidhearp
A. M. D