nach biodh i cinnteach as a gniomh, no, ’s math a dh’ fhaoidte, fiachainn ri falach a chur eadar i fhein agus ruaig.
Cha do ruith móran ùine gus an d’ ràinig i tigh le tubhadh fraoich—fasgach aig bonn bruthaich, agus goireasach ri cùl gaoithe ’s air aghaidh gréine.
“Taing do’n Fhreasdal!” thuirt i le làn-dhùrachd rithe fein, “tha Iain Ruairidh aig an tigh. Tha na lìn aige an crochadh air na sparran. Tha iad fada gun chadal!”
Le so, chum i stigh; oir cha robh oilean choimheach air aithne, no glas mearlaich an cleachdadh. Cha robh càil air a truailleadh le ana-measarrachd nan Gall; ach bha taing is toileachadh ann an crannchur na mór-chuid. Agus cha robh tigh Iain Ruairidh aineolach air meas is gnàth na stuamachd. Bha ’n t-suipeir gun a gabhail. Nach robh a’ phoit—cruinn-shliopach is dubh, a’ leith-dhannsa le plub-ghoil a’ bhrochain—an crochadh air griosaich theine; is toit chuaileanach, liath-dhonn na mòine, a’ slaodadh a lùban cadallach troimh dhorus is fhàrlus? Aig taobh shuas an teine, bha seana chailleach ag obair le fearrsaid, agus dalladh aic’ air an òran: ‘Muir ag éiridh o ho!’ Thall mu choinneamh na h-uinneig, bha Iain Ruairidh air furm góbhlach, ’s e trang a’ càradh lìn. Agus mar nach biodh nàdar airson gu’m faicte an dealbh iriosal, taitneach so, ach ann an solus freagarrach, bha crùisgean, le sibheig laiste de luachair, an crochadh air sìoman caol ris a’ mhaide-tharsuinn, agus eòlan fallain mionach an sgadain ’ga shìor losgadh.