Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/138

From Wikisource
This page has not been proofread.
120
AN T-OGHA MOR


“Mairearad Nic Uaraig!” dh’ aithlis Iain, ’s a mheomhair a’ toirt sithidh aisde. Mairearad Nic Uaraig, an e thuirt thu?”

Cha tainig rùn na ceiste a-stigh air Eilidh; oir bha h-inntinn aineolach air an aobhar, agus, mar an ciadna, na h-ionadan, anns an robh smuaintean Iain aig an àm a’ seòdal. Ma rinn esan dàil ’na fhreagairt, chuir i an leisgial air cladach eile; is cha do lean i feòrach.

“Cha’n ’eil e gu muthadh,” ars’ ise. “Oir cha ’n ann a neamh a tha i co-dhiùbh. Ach tha i bòidheach ’na cruth ’s ’na sealladh. Ach tha i meallta ’na cridhe. Có ach i fhein comhla ris an Tolmach Mhór? Nach ann a tha i ’na gocam-gò eadar Diùc Earraghaidheal agus MacLeòid Dhun-bheagain? Agus dè is ceann-turuis dith, ach milleadh Mhic Neacail. Ach an cual thu riamh mu Shìol-Dhiarmaid, ach spiol is ith, ith agus spiol? Ach cha ’n e so uile e. Có chunnaic mi tighinn rathad an Tighe-mhóir ach Mungan Tuathal, mu’n d’ thuirt iad, mu àird-fheasgair. Bha amharus agam air a ghluasad. Rinn mi far-chluais air fhein agus an Tolmach Mhór, ’san t-seòmar dharaich. Mo chreach an cuspair! Gu’n tugadh am Freasdal mathanas dhomh airson mo bhrathaidh; oir cha seasadh feòil na chuala mi. Mar is fios dhut, ’s ann de dh’ iseanan greannach Rìgh Deòrsa, tha Mungan, ge b’e có is daoine dha. Chòrd e fhéin agus an Ridire Tolmach gu’n d’ rachadh cur as do Mhac Neacail gu h-aithghearr, mun tugadh e feachd gu bratach a’ Phrionnsa. Rinn mi mo rathad a-mach, ’s mi ’n impis tuiteam ann an laigse, ach dé a chunnaic mi ach Rob Crotach a’ leum air an each dhonn, agus