Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/141

From Wikisource
This page has not been proofread.
123
IAIN RUAIRIDH, MO CHEIST!


Thug an t-seana-bhean ’san àm an aire nach robh Iain glé shocrach dheth fhein.

“Gu dé is dragh dhut, Iain?” dh’ fhoighnichd i le coltas cùraim. “C’àite ’bheil Eilidh?—chaidh i mach còmhla riut.”

“Ma chaidh,” fhreagair esan, “cha’n ’eil i còmhla rium a-nise.”

“Ubh! Ubh! Iain. An ann mar so a tha? Abair gu bheil rùn-falaich aig Eilidh na’bhi togail an teallaich agus saoilidh mi gu bheil Iain Ruairidh, mo mhac, a’ deanamh cluasaig de shocharachd. T’aois a’ dhuine, ’s nach aithne dhut fhathasd suiridh air caileig? Na’m bu mhac mar an t-athair thu, cha’n abradh tu, ‘Teiris! Teiris!’ ach spadadh tu do dhà chròg mu’n cuairt dhith; ’s cha chuireadh i feum air buarach. Bhobh!”

“Na cuiribh dragh orm na’s momha na th’ orm,” fhreagair esan. “Thug Eilidh dhomh-sa nochd a làmh ’s a cridhe. Mar sin, tha mi dol air turus fada. Ach ma bhristeas an treas latha ’s an ear ’s nach cluinn sibh uam, thoiribh Eilidh d’ur glùn; thoiribh dhith ’ur beannachd; bithibh ’n ’ur màthair dhith; ìnnsibh dhith an còrr ’s a chanainn-sa, agus bidh mo spiorad aig fois.”

“Iain, a mhic,” leith-chaoin a mhàthair, ’s i ag éirigh ’na seasamh—“Iain, a cheist! Cha’n fhalbh thu; oir tha ’n fhuil dhearg air do làimh. Tha fios agam gu’n téid an latha leat. Ach bidh mise ’nam aonar a’ feitheamh a’ mhic nach till ’s a’ bheatha so. Stad dhe d’ dheòir, Iain, agus cha chuir mi gluasad ort le aisling dhorcha. Tha Dia a’ faicinn gu bheil mi call nan uile. Ach cha sheachainn thu do dhleasanas—ge b’e dé sin