“Cha chuala, no duin’ eile,” thuirt Alasdair le tarsunnanachd. “Ach airson ri ’g ràdh rius e, bu toigh lium na tha fo’n ian aig Iain Ruairidh a thuigsinn.”
“Ni thusa sin, nuair a dh’fhàgas Domhnull Camaran sùil an aoir aig sròn a’ mhagaidh.”
“Gonadh ort!” thionndaidh Alasdair le gàire. “Nach ann ort a tha’n sgath. Na’n d’thuirt thu trian deth ri Tearlach Buachaile, bha e agad an druim nam boghannan. Coma leat! Is searbh a’ ghlòir nach faodair éisdeachd. Tha——
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaile timchioll;
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaile thà;
Suiridhichean, suiridhichean
feadh a’ bhaille timchioll,
Bidh a-muigh ris a’ ghealaich,
gus am faigh iad fàth.
“Suiridhich——”
Stad Gilleasbuig ann am bristeadh an fhacail; is do ghearradh nan sùrdag air an tug e beò-ionnsaidh le port-a-bial. Sheas a dhà shùil ’na cheann, is thainig buille-clisgidh air a chridhe.
“An tug thu ’n aire dha sid?” thuirt e fo anail, ’s e a’ breith air muilichinn Alasdair.
“An aire, có dha?” dh’aithris a charaid le cùram. Is cha b’ann faoin a bha fheòrach. Oir thuirt na h-eòlaich—le aithne cuideachd—gu’n robh comas an dà