Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/16

From Wikisource
This page has been proofread.
2
AN T-OGHA MOR

’nan lùban lachdunn troimh aonaichean ciara; is gheibh earba comraich[1] mu’m bruaichean cas.

Tha dòigh air leith againn fhin air gabhail ri eireachdas ar dùthcha. Cluinnidh sinn—le cluas-amais nan Céilteach—co-cheòl air ghléus ann am barunn nan tonn ’gan iomairt; is caidreadh tiamhaidh ann am borbhan nam fuaran soilleir. Thug figheadair nan duan ’nar measg—an t-Ogha Mór—mion-eòlas bho linn gu linn air cruth-deilbh nan sliabh, nuair a ruagas grian Samhraidh caochladh nan dubhar roimh gnùis. Is ma thogas fonn catha buille-bhras air do chuisle, gheibh thu ann an astar do shiubhail, barpan[2] nan saoidh air tulaich àrd.

Suainidh an ceò ’na ghlaic, mar bhréid-bainnse, na sgùrran anns an dean iolaire nead, is i fad os-cionn ruigheachd an t-sealgair. No ma thig thu air coire fo spréidh, chi thu òighean ann am biorgadh an dreacha; is an sùilean aitidh, mar dhearcan fo chiucharan bhraon a’ soillseadh. Guidh cobhair ma leagas té dhiubh an t-sùil sin ortsa; oir bidh an sealladh ’na sgàthan anns am faic thu taibhsean maireann nan ioma gnè. Làmh riut air àilean grianach, chi thu ionaltradh crodh-laoigh le’n àl; caoraich ’gan iomain gu mainnir ’san ìosal; is, mar chulaidh nan dreach gun chòrnadh[3]—òganan a’ lùbadh le eòin cheileireach air fonn.

Bha gorm fo bhlàth ri leathad na mara; is toiseach aig an t-sìlean air sgiolcadh troimh’n déis, nuair a bhuail bìrlinn Mhic Coinnich,—mac Maor-mór Chinn-t-Sàile—a fiacail ann am Bun Abhainn Lusaidh.

Cha luaithe ghreimich i am port, na leum Iarlom—b’e sin a b’ainm do Mhac Coinnich—beò glan air tìr.

  1. àite-dion
  2. cùirn chuimhne
  3. pasgadh