GLEUSDACHD
Théid seòltachd thar spionnaidh
—SEAN-FHACAL
Rinn Iain fead ceann-a-mheòir a bha cruaidh agus fada. Bha fuaim aice cho aognaidh ri sgread tamhaisg is manadh innte. Oir tha iad beò fhathasd a theireadh nach ann buileach saoghalt’ a bha i; is a leagadh sùil na mì-chin ort, na’n tug thu teagamh d’am barail. Bhòidich iadsan a chlisg roimhpe, gu’n robh i sitheadh ann am marbh na h-oidhche, mar fhras de shaighdean, is ribheid bana-bhuidsich ann an sròin gach fir diubh. Leum i Abhainn Aisig cho grad ri gobhlan an gaillinn; ach rug Creag-na-h-àiridh, air a sgal ’san dol-seachad; is thilg i, le magaid i bho Chnoc a’ Mhada-ruaidh a dh’ ionnsaidh a’ Chnoic Odhair—i sior-ghlaodhaich a beò nan creag gus na bhrist deothal an astair a spìd, ’s i ag iarraidh thar uchd Ruigh Bhial an Atha.
Bha siubhal na sgairt ud ainmeal fad là agus linn. Abraidh fear na moch-eirigh le conas, nach cluinneadh leisgean a’ chadail, fead Iain Ruairidh ’na chluais. Ma thig dhut tachairt air seann-duine, ’s e toirt sgeòil air uilinn, cha bhi dol-as agad, gus an dearbh e dha d’ thoil, gur h-e sanas diomhair a chualas an oidhch’ ud. Leig ris dha gur h-aithne dhut a bheag no mhór de dh’eachdraidh nan seana Ghaidheal, is cuiridh e an eagaibh a’ chéile, cho amasach ri seanachaidh Mhic Dhomhnuill