cabhag fodha-san, agus na h-uile rud leagta airson cuideachadh ri ’cheann-uidhe. Ach cha robh dhubh, no dhath ri fhaicinn.
Tha ìnnleachd na sgeòil ag earbsa nach bidh dol-as air fuasgladh na ceiste mu dheireadh. Ach cha ghabh sin a dheanamh an ealamhachd, gun iomall bhi air. Oir is e sin dòigh nan Deasach nach d’fhuair àit’ ann am briathrachas réidh nan Eileanan siar. Bidh e iomchuidh, mar sin, ceum-air-ais a thoirt a dh’ionnsaidh Tigh Mór Laobhrais, greiseag mun a chiar am feasgar.
An taobh a-stigh de sheomar dìomhair na h-aitrimh ghreadhnaich, bha còmhlan àraid cruinn, ’s iad a’ leigeil an comhairle ri chéile. Bha iad ann triùir—dithisd fhear, is ainnir òg air ’na bhuilich nàdar cruth-deilbh thar tomhais. A-chionn ’s gu’n robh i ainmeil—ann an seadh air leith bho mhealladh-gnùise—cha do leig bial-aithris eachdraidh a suim i.
Thainig i air na Caoil bho’n ear, ’s a teachd ann an cridhe mheadhoin latha, mar a ni cuthag le fàilte. Thuirt Uilleam Mac Iain Duinn, ’s e gabhail an rathaid, rithe, gu’m b’e am beatha ’n dùthaich. Ach cha do shnaoidh i ceann, ni mo a thìll i facal an éis ris. Ghabh i seachad mar Ghall air aineol—each dìollda ’na ’dheann-ruith ’ga giùlain, is gille-pliobair ’na cois. ‘Cha’n’eil fios co-dhiùbh ’s e ’n inntinn no ’n t-àrdan is muime dhith,’ smaointich Uileam, is casad beag a’ mhagaidh a’ deanamh a bheachd na bu bharanta. Mun gann a thug a’ bhean-ìnnseagraich an lùireach a