rogha mo theachdaireachd.”
Chuir gearradh-cainnt cho teuma annas nach bu bheag air a’ bhana-choigreach. Is dheònaich i ’na rùn, gu’n tigeadh an cothrom anns am faigheadh i a chuideachadh feumail.
Leis a’ bheachd so ’na h-aire, dh’iarr i air Tormod a’ coinneachadh aig bial an anamoich, ’s gu’n toireadh i rud dha ri dheanamh, a leasaicheadh a chàradh.
Bha araon tàladh agus muigheadh ’na guth do Raitean. Cha do dh’fhan i ri fhreagairt. Ach thug i srian da stéud mar nach biodh an teagamh bu lugha ’na h-inntinn a-thaobh buaidh a toil’ air. Is cha robh a barail an iomrall. Oir bha Raitean, is a chridhe mireag ris, a’ deanamh an aithghearr’ gu tigh Iain Ruairidh, far na chuir e roimhe ’n ùine chaitheamh gus an tigeadh tuiteam na h-oidhche.
Bha àite-fuirich Iain Ruairidh mu chairteal a’ mhìle ris a’ chladach fo Thigh Mór Laobhrais. Thainig mi cheana tarsuinn air far am bu chòir dha—aréir bial-aithris—a bhi riaghladh. Ach so ’san dol seachad a-mhàin.
Car mu’n aon àm ’san robh Raitean a’ feadaireachd Danns-a’-chlaidheimh aig cagailt Iain Ruairidh, bha’n Ridire Tolmach, a’ cur fialaidheachd a thigheadais ann an cead nan coigreach. Cha robh iad aineolach air a’ chéile, ged nach do thachair dhise bhi riamh an rathad.
Choinnich iad uair, no uair-eigin ann an tigh Lochéill an Dun-éidionn.