Chual e na bha eadar Iain Ruairidh is Eilidh aig ceann na bàthcha, a-chionn ’s gu’n robh farchluais cho soirbh dha ri sionnach ag ianadaireachd. Tha iadsan a ghabhadh a leisgial ag ràdh gu’n robh a bhéus aréir àrach; cuid eile, gu’n a chuir Mairearad Nic Uaraig trulainn e. Is bha iad gu léir ceart. Oir, òg is mar a bha Raitean, rinn buadhan na h-ainnir ud, greim neo-chneasd air. Thainig fathamas neònach air a dh’fhàg aigne cho baoth ri guanaig ’san Earrach. Dé b’fhiach an saoghal gun a bhan-uasal a dh’earb gnothuch ris? Mar bu mhomha bhiodh aige ri ìnnse dith, nach ann a b’fhaide gheibheadh e banalas a còmhraidh. Cha togair daingneach na’s àirde na ruigeas am fàradh. Nach e fhein an duine!
Nuair a théid nàdar am beo, thig smuaint bho h-aineoil. Cha chnàimh gun fheòil e, rùnaich e; is có a chanas nach bidh a chòir oirre fhathasd? Nach minig a thuirt a sheanamhair: ‘Am fear a ni gniomh gu toil do nighinn, gheibh e ’n cridh’ aice le tapadh.’
Is e bhuil a bh’ann, gu’n robh Raitean mar dhallaran nan seachd suain, bho’n a dhealaich e ri Mairearad ’san fheasgar. B’ann air a soin-se bha na chi, ’s na chluinneadh e. Bha boisgeadh nan reult fhein, thar-leis, air am fasdadh da turus. Ach nach iongantach an t-aithris gu’m biodh com cho beag meachainn ris, cho furachail ri bàrd le duan?—Freagairt: gaol gille gun fhiasaig air fhadadh.
Cha d’rinn Iain Ruairidh ach an tigh fhàgail, nuair a ghreas Raitean a dh’ionnsaidh leathad an Atha, far an robh Mairearad ri fheitheamh.