Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/20

From Wikisource
This page has been proofread.
6
AN T-OGHA MOR

dh’ionnsaidh Féill an Ath-leathainn. Ach bu lionmhor iad, aig an robh daor-an-ceannach air an latha ’s a theachdaireachd. B’ann diùbh-san Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil, agus an té a phòs e—Una, piuthar an Ridire Tholmaich.

III

Is e fìor latha Féille bh’ann—latha ’n àidh anns an gabhadh na cnoic tlachd. Bha ’n crodh is aonach orra leis an teas; coin ’gam blianadh ri taobh nan sruthan, ’s iad a’ ceapadh nan creithleag, a bha’g iarraidh do’n teangaidh ’s i mach; bodaich, ’sam buinn an sàs, a’cumail lothan air taoid; bó-laoigh a’teicheadh bho h-aineol is casa-luatha gabhail bealaich oirre; aighean, chaidh a ghiollachd ’san aona chrò, a’ riabadh a’ chéile; is mnathan, le goileam, a’ roinn na coire; brogaich easgaidh a’ deanamh falach-fead mu na bacan; is clann-bheag a’ruith nan lianag, mar dhrìlleachain air tràigh gaineachadh; eòlaich ag ùrachadh càirdeis; coigrich a’tagairt eòlais; luchd-malairt a’bleideil na prìs; bùthnan nam mìlsean trang a’reic, far an cuireadh fleasgach comain air maighdinn; pàilinn na dibhe na bu trainge; oir bha móran a’ gabhail fàth air fionnarachd an dubhair airson crathadh-làmh mu chuach na h-aoidheachd; is uaislean a’spaidsearachd cho curanta ri maoir-mhóra na Lochluinn air an d’rinn Oisein bàrdachd. Bha, mar gu’m b-eadh, an [1]àibheis ann an glaic nam beò: beatha gun deireas an ceann a’ chéile; cànain aosda nan saoidh air [2]trùmh nam bilean; is gun neach idir mu-ruighe nach teòthadh ri fuaim a fàilte.

  1. an t-adhar
  2. càirdeachas soilleir