Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/207

From Wikisource
This page has not been proofread.
189
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR


sian a’ ghonaidh, mu’n d’thuirt am facal.

Bha craobhan a’ còmhdach a’ chinn-ìochdraich bho’n a’ Ghairbhlich—ach far an ruigeadh tuath air àireachas—gus an ruigeadh e Rudha na Caillich. Tha Mhòinteach-mhór, ach gann, an diugh cho duilich ri coiseachd, ’s a bha i nuair sin, ged a ghearradh iomadach farusg dith. Bheir e dhùbhlan do dh’eòlaich ti’n roimhpe ma bhios ceann-dubh air a’ ghealach. Ciamar a-nise dh’èireadh do cheithir-chasach?

Cha robh Raitean gun a bhi làn fhiosrach air gach sloc is fròig dith. Ach bha làrach innte anns na chailleadh iomadach beothach air aineol—an Fhéithe-mhór; is bha i meallta. Thigeadh coigreach oirre, na’m biodh e dol bho Cheann an Oib gu Achadh Tàtair, no a’ fàgail an Sgeithein Bhàin mar a sgoiteas an seillein an t-astar a dh’ionnsaidh nan Locha-dubha.

B’e sid a’ bhogalach air an robh Raitean a’ stiùireadh a Ghoill ’san eich. Cha do ghabh an Gall fhein an cùram bu lugha, gu’n tigeadh dò-bheairt sam bith ’na charaibh. Theagamh gu’n robh e cur a threòraiche ro-shuarach airson donas a thogail; is lean e air aghart ann an doillead a bheachd.

Chum Raitean an cladach ri ìochdar Earra-puill a h-uile ceum gus an tainig e dh’ionnsaidh Allt Tàtair, far na dh’fhiar e ris a’ mhonadh. Bha bristeadh coille nise air an làimh dheis aige, is i criathradh solus na gealaich. Thug iad mar sin an culaobh ris an tràigh; ach chluinnte tonn an dràsda ’s a-rithisd a’ sìoladh mu storcain, mar pheileag a’ sèiteal. Ach b’ ao-collach tuar na h-oidhche ri aigne Raitein. Oir bha balbh gun