Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/217

From Wikisource
This page has not been proofread.
199
AN DROCH CONDRACHD


dleasanais eile. Gidheadh, cha robh i cho coma ’s gu’m fàgadh i corp gun fhrithealadh, na’n gabhadh sin deanamh.

Thug i sùil ceithir thimchioll an geall air fios gu’m faiceadh i collas tighe ’s an astar. Is chunnaic, i thar-leatha, solus beag, mùgach gun a bhith ro fhad’ air falbh. Ann an tiotadh, thug i an t-srian a ceann an eich is rinn i déubhann da.

Air dhith gabhail aig an each, chuir i aghaidh air rathad an t-soluis. Is ged a chaidh i, ach gann as a cnàmhan ’ga iarraidh, thug i mach e air a’ cheann thall. Fhuair i bothan beag cheap mu ’coinneamh, is cliabh le taosg mòine ’s an dorus.

Cha do dh’ fhuirich Mairearad ri fàilt no fiathachadh, ach an cliabh a thogail gu taobh is gabhail a-stigh. Tha e collach ge b’e có do’m buineadh an fhàrdach, nach robh an dà chabhag cadail orra. Oir bha cailleach mhór liath ’na seasamh air teis-meadhoin an ùrlair, mar gu’m biodh i ach air tilleadh bho’n bhlàr-a-muigh.

“Có as a thug a bhana-choigreach a’ coiseachd?” dh’ fhoighnichd i de Mhairearaid ann an guth nach robh idir mi-chàirdeil.

“Cha’n e breithneachadh cheist a chuir an so mi,” fhreagair Mairearad gu h-ealamh. “Tha’n Ridire Tolmach ’na shìneadh ri taobh an rathaid gun deò ann. Seall as a dhéighinn. Oir tha agam-sa ri cumail romham do’n Aird.”

“Có thusa?” thuirt a’ chailleach gu grad. Oir cha do chòrd dol-a-mach na té eile rithe.

“Cha’n ann a’ tairgse droch fhreagairt a tha mi,”