Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/224

From Wikisource
This page has not been proofread.
206
AN T-OGHA MOR


e sac-neòil nam blàr am bagairt-bristidh air beinn is coire. Aon uair eile, ’s bheir luath-chasach ionraic, teine-rabhaidh troimh fhireach nam foill ’s thar uillt ’nan tuil. ’S an uair sin, bidh caitean nan tonn a’ flodradh baic-bhord nam birlinn; is fir ghuineach nan Eilean a’ togail iorram nan ràmh. Ach dé ma bheir fir-gharga Bhàideanaich dhaibh crathadh-dhòrn na h-eascaraid? Nach ’eil fir-fhéitheach Loch-ialla, le faire-feachd ’nan gruaim—iad a’ gleidheadh nam bealach, ’san gàirdean a’ fàsgadh dìon-bheairt nan claidheamh? A-mach bho thuath nan gleann pasgach, éirigh aislingich cholgarra; is fir-dhearbhta nam fuar-fhuil, a bhios cuimseach ’nan righe. Suas! Suas! thar cinn-sgòrra agus mhullaich, cluinnear caismeachd am bial-siubhail na h-oiteig; is ùraichidh càil nam fear-brasa air son éirig fola!

Mar bho ìochdar nan cian, séididh bron-sgal nam pìob;
Is cumaidh siantan air mhire gairm-tionail nam feachd.

Pìob nan dos fuaimneach? A-ha! Tha caithream clia-lùth Mhic Cruimein da-rìribh ’na chluais. Dhrùigh a cheòl eagnaidh air a chridhe gu buileach. Is ann an tiotadh, dh’ aisigeadh a spiorad a dh’ ionnsaidh sìoladh nan cluan—far nach tuig ach Gaidheal a-mhàin, an sgial-diomhair tha aig a’ phìob ri aithris.

Nach ’eil cian a’ mosgladh fo ’geasaibh, ’s a’ toirt foghluim as ùr, air eòin-bhiadhta nan closnach; is ròic nam madadh air cairbh nam fear-catha? Eisd a-nise ri cruaidh-shlaiceadh nan sleagh; is còmhrag nan cunnartan fuilteach. Sin i rithisd—Buille neairt!