Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/231

From Wikisource
This page has not been proofread.
213
CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA

Thionndaidh e a-stigh air ais da chaisteal; ach b’ ann le bruaillean a chuireadh am mac-mollachd a dh’ fheadaireachd. Smàd e Domhnull Mac Leòid a Uilinis—fear de chinn-uasail air a chois. An déigh cleas an t-sealgair earbs as, chuir e mar fhiachaibh air fhein ’s na leanadh e, lorg is fàireadh a chumail air Mungan.

Ach mun a thachair dhaibh bacadh a chur air a ghluasad, no tilleadh air a theangaidh, bha Mungan an déigh cogar na h-aimilisg a’ leigeil mu-sgòid air feadh feachdairean a’ chaisteil. Thug e, ma’s fhior, rabhadh àraid gu’n robh buidheann de Dhomhnullaich Shléibhte air los tuasaid ’s an astar. Cha luaithe dhùisg e an t-amharus na rinn àireamh de Shìol Leòid air ceann-aghairt am brosnuchaidh. Is mun d’ fhuair iad a-mach gogaireachd an turuis, bha iad ’a cur chlaidheamh air faobhar ri Iain Ruairidh ’s a sgioba.


III

Bha ’n iarmailt fhathasd cho bàlbh ri corp ’s an ceann deth. Tha cuimhn-aithris a’ toirt cunntais, gur h-ann air a leithid eile dh’ oidhche, a thainig Rath-mór-a’-spuinnidh bho Lochlunn, mu thuath! Cha robh de dheò a adhar, na ghluaiseadh topan a’ chanaich. Is gann nach cluinneadh fear-aire cogar na caillich-oidhche ris an dialtaig, ’nuair a phriobadh a sùil leis an taibhs: Fuil! Fuil! Tha latha na dò-bheairt tharainn!

Fad finn fuaineach na h-oidhche, chìtear gillean-greasaidh, is coise, air rathad Dhun-bheagain—a-measg chàich, Mairearad Nic Uaraig. Coimhead a-nis i ann