Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/235

From Wikisource
This page has not been proofread.
217
CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA


uidheam; is thig sanas-catha le gloc a theumas dlighe ri dual. A! Gheibh am fògrach rìoghail aon chothrom eile—aon oidhearp bàis—aon thogradh nam fineachan brasa; ’s an sin—ceòl nan claidheamh dearga!

. . . . . . . .

Dh’ atharraich an taibhs a tuar. Tha e nise ’faicinn clann bheag ’san fhraoch air seachran: iad ag amharc bhuapa, ’s a foighneachd de chéile le neònachas—‘C’arson a tha na caora-fiadhag dearg air an dath?’