Cha robh uair a shéideadh gaoth bho’n Tuath, nach faicte i air làimh aig màthair Iain; a falt ’s a gruaidh air bànadh le mulad; fiamh gàire sniomh mu bilean; a sùil air astar na linne, agus i gun tàmh a’ foighneachd, ‘C’uin a thilleas Iain, no am bidh e leinn a-nochd?”
“Cha bhi, a chaomhag!’ fhreagradh an t-seana-bhean le sac air a cridhe. ‘Cha bhi a ghràidheag; oir tha lunn nan stuadh glasa ’ga thulgadh ’san fheamainn. Cha bhi, a nic cridhe; oir tha e air cadal gun dùsgadh ann an ciar nan tonn. Ach ni mise agus tusa feitheamh is faire. Nì a chaomhag; oir cha’n fhada tuilleadh gus an tig an làn a bheir sinne le chéile dh’ ionnsaidh a leabaidh ’s na siantan; is cluinnidh e an uair sin osnaich do chridhe, m’éudail ort a rùin! Nuair a dhùineas an oidhche mu chòmhail nam marbh, is a shìneas na cluain gu fois; nuair a thig siubhal air togradh nan taibhs, is a ghléusair an ceòl airson cuirm, cuiridh tusa bréid mu d’ cheann, agus gabhaidh sinn còmhla an t-aiseag ann am birlinn Iain Ruairidh!”
[A’ CHRIOCH]
JOHN COSSAR, Printer, Govan.