Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/37

From Wikisource
This page has been proofread.

MAC FHRAING MU DHEIREADH

Is ioma nì ’thig air an laogh nach do shaoil a mhàthair

—SEAN-FHACAL

Dorcha mar chiar nan càrn bha blàr-a-muigh; fuar fuar, bha sitheadh na gaillinn, agus duabhara bathais nan aonaichean balla-bhreac. Gu h-ard, ’s mu’n cuairt, chluinnte uirghioll a’ bhith-ànraidh a’ stadhadh nan dùilean, is sgread nimheil a chorruich ag osnaich mu lùib nan gleann fàs. Bha lom-thuar a’ còmhdach nan sliabh fuaraidh; agus có am fear-coise cho dalma ’s a thogadh ceum ri bealach? Mar a dh’ aithris an seann-duine: bha toirm ann an glaic na doinnin chuilbheartaich, ’s i fuineadh na fairge mar thaois—an dràsd, a’ togail gharg-thonna caoranach, glasa, ’san sin ’gan toinneamh ’s ’gam feannadh, gus an caill iad an cruth ’san gluasad ann an gàir-chobhar nan storc-maistridh.

Ach ged a bha onfhadh an reilig na h-iarmailte, bha ’n Caisteal Maol—mar a bha e iomadh latha bho chian—seasgair air [1]asgail an tulaich, dh’ aindeoin ’s gu’n robh flinne ’s gaoth, gun dìobradh a’ failceadh a gharbh-bhalla, fad cheithir uairean fichead, agus cur is cathadh a’ flodraich uinneagan fiarach na faire.

“Tha’n glaodh ’nam chluais, Ealasaid; gu’n gleidheadh Dia na’s àill lium!” labhair Una, bean Ghoiridh Mhic Fhraing, is baintighearna Chaisteil Mhaoil.

  1. achlas dhìon