Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/66

From Wikisource
This page has been proofread.
50
AN T-OGHA MOR

“Nach math an leisgial,” fhreagair i. “Có aige tha brath nach bi sinn an sin na’s luaithe na shaoileas sibh? Ach mun téid mi na’s fhaide, dé am freagairt a bheir mi bhuaibh do theachdaire na Ban-righ? Tha e feitheamh.”

Mun do thàrr dha cheist a shocrachadh, chuir gille-seirbheis an treas litir ’na làimh.

Dh’fhosgail e i; is léugh e:

The Queen, who is lying very ill, urges your immediate attendance.

(Signed) Eveleyn Marlborough.

“Ma thig am Prionnsa,” thuirt e, “thoir dha mo leisgial; is gabh roimhe cho math ’sa fhreagras. Ach,” ’s e tionndadh bho’n dorus, mar gu’m buaileadh rud ùr ’na inntinn, “fèach, ma thig dha feòrach as déigh cùisean nan Gaidheal, gu’n caomhain thu eòlas air sloinneadh. Tha nì, no dhà a’tachairt an cearnaibh ar tìr a b’fhiach an cleith, nan gabhadh iad. Bidh ’nad fhaiceall; oir cuimhnich gu’m brist an teanga, ged nach mór i, cnàimh. Cha mhomha màthair na mi-thlachd na frìdeag. ‘Na toir sgial diomhair gu latha roimh d’ bhàs’, mu’n d’thuirt an sean-fhacal.”

“Fuirichibh oirbh,” fhreagair Mairearad le fonn a’ chàirdeis; ach bha h-inntinn ann an teagamh. “Dé tha ’san air’ agaibh, nuair a tha sibh ’gam chur ’nam fhaireachadh air an fheasgar so, seach àm ’sam bith?”

“Cha tigeadh e do nighean do mhàthar a bhi’n eisimeil comhairle, far an cìnn a dleasanas.”

“Nach neònach fhein a’ bhruidheann a th’agaibh.