Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/77

From Wikisource
This page has been proofread.
61
RIOBA NAM BAN

a dh’iarr an duin’ ìnnleachdach an seòmar dha fhein. Faodaidh tu bhi deimhinn nach deacha móran as oirre. Thug i ’n aire dha ’laimhseachadh na lanns’ anns a’ cheart dòigh a sheall mi dhuibh. A-nise, dé ’ur bharail? Tha mi car mean mu’n chùis; ach ’s math a dh’fhaoidte gur fhiach e ’n t-saothair. Ciamar a chuir Machiabhaili sìos a bheachdan air a’ cheann so? Cha’n’eil m’ Eadailtis ach cearbach. Ach chual mi Moraire Herbheidh ’ga aithris cho tric ’s gu’n a thog mi e mar phort eile——”

“Fàg t’Eadailtis far am beil i,” ars’ an Dotair Astor ’ga stad; “is innis dhuinn ciamar a thainig an lannsa ’na do rathad-sa?”

“Nise,” lean a’ Moraire roimhe, “mar a bha mi dol a dh’ìnnseadh dhuibh anns a’ chànain nach tuig mi-fhin no sibhse——”

“Seadh! Seadh! Ach cha’n aithne dhuinne co-dhiùbh ’s e cànain a th’agad, no nach e.”

“Nach ann mar sin a tha eòlas nan lighichean?” thill a’ Morair le fanaid. “O! Ai! C’àite ’n d’fhuair mi an sgian-fhola bh’aig an lighich Albannach? ’S fheudar gu’n tainig an di-chuimhn’ air. Oir dh’fhàg e as a dhéigh ann an seòmar na Ban-righ i——”

“Is——”

“Thog mo bhana-charaid i; is thug i dhomhs i. Nis, uaislibh!” thuirt e, ’s e tionndadh a chinn an rathad a dh’éirich gluasad a-measg an t-sluaigh a bha làthair. “Tha Diùc an Ur-Chaisteil air ti’n a-stigh; agus bu mhiann lium facal dheth. Tha de sheilleinean ’sa’ chlod-cheann aige na chumadh mil ri freiceadan