gu chridhe, na’n robh a’ Moraire Godo cuidhte ’s a chùilteireachd. Oir b’e sid turrag a’ chàirdeis bho nach deanadh treibhdhireas uaill. Lean mar sin, is liadaich e brat-amharuis cho bras air a chuisle, ’s gur gann nach tug e rìgh, prionnsa, an t-arm ’sa’ h-uile rud eile as a shealladh.
Leig Iain Tolmach cead a choise le rùnrachd na chuir thuig e; is thainig ionaltradh inntinn, air a’ cheann thall, a dh’ionnsaidh Mairearad nighean Mhic Uaraig.
Bha esan, thar-leis fhein, mar gach aon air na dhearc an òigh ud, dian an geall oirre. Agus thug rud no dhà, anns an d’rinn ise taobh ris, an dòchas ’na rùn nach robh idir a ghean-aire suarach aice. Beag ’s mar a bha cinneas air àdh ’san rathad so, cha robh a bhuaireas gun mhisneachd. Oir thug e bòid gu’m faigheadh e cothrom dearbhaidh da dhùrachd dhith—uair, no uaireigin.
Ach ciamar, no cia as a gheibheadh e an leisgial airson a thoil a chur an gniomh? Agus a-rithisd. Bha e fhathasd ri fhaicinn gu’n robh ise, no té eile ann am feum a theanachdais. Theagamh gu’m biodh sin mar ghin beachd dhut-sa na’n robh thu saor bho leannanachd, cridhe socair a’ fàgail do chluasaig gun bhristeadh cadail; is aigne ’nad chom a dhiùlt lasadh ri àille gnùis ainnire.
Fhuair co-dhiùbh an cruth-deilbh a-leithid do làmh-an-uachdar air, ’s gu’n a chum e fàireadh air a’ Phrionnsa ’s air a’ Mhoraire Godo, gus an deach’ iad, thar-leis, am falach aig cùl gréis-bhrat a bha’n crochadh—le cuid an eireachdais—ri té de dh’uinneagan na talla-móire.