Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/86

From Wikisource
This page has been proofread.
68
AN T-OGHA MOR

iad, Cuaigean, no Gilleasbuig nan Sasunnach. Chuala tu ma dhéigh? Bhiodh e cho tric aig Iain Og ’na sgialachdan ’s a bha Coire-Chuìbean, is Iain Gealtach aig Niall Mac Lachlainn Bhàin, mo charaid ann an Cul-achadh-na-beinne. Mu dhéighinn sgrìobhadh an Ogha Mhóir? Bheirinn dhut léubhadh deth cheana. Ach de mhi-shealbh a dh’éirich dha, ach gu’n deach’ a ghàmhrachadh le snithe-dubh. Tha na h-ann agam air mo theangaidh, co-dhiùbh. Airson sin, cha mhisde cuimhn’ a h-ùrachadh, mu’n d’ thuirt Mac an Aba ri tomhas a’ stòip. Bha mi dol thairis air obair an Ogha dhomh fhin, ’s do Mhoraig, dìreach air a’ cheart oidhche dh’ fhàg an làn-mór an cnòdan an tigh Aonghais Oig.”

“Oidhche na gaoithe-móire, chanamaid ris ann an Cul-a’-Ghàraidh,” thug mi’n oidhearp air a cheartachadh.

“Dìreach, a bhobaig! Oidhche na gaoithe-móire. Is ioma fear is tigh a chreanaich oirre cuideachd—agus mis’ air a h-aon diubh. Cha robh ach gu’n a dh’ fhàg i na cabair os mo chionn. Dìreach, a’ cheart oidhche. Dh’ fhalbh na h-acraichean de’n a’ fhraoch-[1]dìoblaidh. Tholl a’ stoirm fo’n tubhadh, gus an d’ràinig a’ froighnidh, mu dheireadh, air bun a’ mhaide-cheangail, far an robh sgrìobhadh an Ogha Mhóir an gleidheadh agam.”

Thuirt mi, mar leisgial, gu’m b’ fheàrr gu mór lium a mheomhair fhein a dhearbhadh, na éisdeachd ri òraid phàipeir. Is cha do mhi-chòrd sin idir ris. Oir tha mi de’n bheachd, na’n do ghabh mi dòigh-aire ’s am bith eile dha, nach tainig an diomhaireachd a leanas riamh ann an cead iomraidh.

  1. a’ cumail a’ bhoinne dhe’n bhalla