Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/88

From Wikisource
This page has been proofread.
70
AN T-OGHA MOR

gorm, a dhùthcha. Bheir e éuchd is eachdraidh ’na chuimhne. Ni e an còrr na sin da: gabhaidh e ri ùidh ann, mar fhianuis gu’ bheil duinealas a shinnsre a-ghnàth aige ri sheasamh.

“Sin agad, a bhobaig!” lean Iain, “c’arson a thig e dhut—ge b’e inbhe anns am bìth thu,—gu’n chliù do dhaoine leigeil gu bràth an éis. Mur a biodh am badan fraoich, cha do thachair na thug an t-Ogha Mór cunntas air. Nise. Thoir friodhan air do chlaisdeachd, is cluinnidh tu mar a thainig ’na bh’ann mu’n cuairt. Dh’innis mi cheana dhut mar a dh’amais mac Ruaraidh Tholmaich ti’n tarsuinn air a’ Phrionnsa ’s a’ mhoraire Shasunnach ann an lùchairt an dàrna Rìgh Seòras. Innsidh mi’n dràsda dhut iomradh an Ogha Mhóir air cridhe cho beag meachainn ’s a dh’éignich riamh lagh an t-Soisgeil. “Ach,” ’s e coimhead air fhiaradh orm, “na léubh thu cluichean Shaicspeir?”

Sheall mi dha gun mhaille, nach leigeadh e leas so fhoighneachd, le bhi cur na ceiste ris fhein, co-dhiùbh b’e an “Stoirm,” no “Hamlet” a b’fhaisge air aigne nan Céilteach?

“Cha do dhiùlt mi t’fhiosrachadh,” thuirt e; ’s e, mar gu’m b’eadh, a ’gearradh nam facal a saibhreachd a ghliocais. “Ach cha b’ann air a’ mhodh sin, a chuir mi cheist riut; ach a-chionn ’s gu’n a sgrìobh an t-Ogha Mór na b’aithne dha ann am feart seòl-cluiche. Mur do dh’ainmich mi chean’ e, bha esan ann an Lunnain còmhla ri Fear-Scalpaidh. ’S fheudar gur h-ann an uair sin a dh’ionnsaich e cleas-a’-phinn a chuir e air a’ phàipeir-seice do Chuaigean. Biodh sin ’s a chead