chunna mise. Ach dé dha sin? Ithidh iad feòl gus an ruig an corragan oirre. Ugh! Ithidh, is easgannan caola nan dìgeannan. Ol! Ma gheibh iad am bial ri goc cha’n’eil de thùr aca na leigeas as e gun chuideachadh. Ach ma bhios tu air ceann-coise, ’s gu’n tachair coigreach ort is glug ’na bhroinn: ’se Sasunnach a h-ann.”
Fhreagair mi gu’n gabhainn beachd air. “Ach,” arsa mise, “ciamar a dh’éirich do bhràthair-mo-mhàthar?”
“Ciamar?” dh’aithlis Iain. “Ach gu’n a dh’ [1]fhuaircne, is bhog iad an glumag na Feith-seilich e, gus a-mór nach do bhàth iad am balachan. Na tachairean bhusach, b’e sin iadsan! Ach thug do sheanair blad fola do dh’fhear dhiubh bho’n uair sin, is e dol troimh’n arbhar aige as déigh geàrra. Mhiap Iain Mac Dhomhnuill fear eile dhiubh os-cionn a’ Choire-chòmhnaird; is có nach cuala mu na fìdeagan a thug Iain Mac Eachainn air triùir aca, ’s iad a’ toirt mi-mhodh da, is e buain boitean tubhaidh an Gleann-na-béiste?”
“’S cinnteach Iain nach’eil na Sasunnaich uile gu h-olc. Bidh iad mar a tha buntàta nan coimhearsnach—math is dona.”
“Tha, laochain! Thuirt thu na bh’air; cha mhillear math ri olc dhiubh. Dìreach, mar a tha buntàta nan coimhearsnach,” ’s e deanamh lasgan gaire—“cuid dhiubh grod is lóbhta, agus a’ chuid eile gun bhruich.”
“’S fheudar gur h-ann mar sin a fhuair Mac Fhir-Scalpaidh iad cuideachd,” dh’aontaich mi ann an rathad brosguil.
- ↑ slabber