“Fear-Scalpaidh!” chaisg e gu gobach. “Ma tha thu airson gu’n toir neach eile feairt ort.”
Rinn m’aideachadh greim air. Oir bha mi cheana ’san teasgasg nach robh dad a chanainn, a bheireadh mughadh air a bharail-san, ge b’e an ràmh air am bitheadh e.
Eadar a h-uile toinneamh is lùbadh a bha air a sheanachas, dh’fhiosraich mi bhuaidhe mar a chaidh do dh’Fhear-Scalpaidh air a’ cheann-thall.
“An tug thu riamh fainear,” ars’ Iain, “nach gabh cleasan Sasunnach a chur air blas ann an Gàidhlig? Cha tug, a bhobaig! Nise, gabh beachd air a so. Mur a téid, ach gann, aig teanga nan Gaidheal air dealbh ceart e chur air gnè de dh’gharraich Shasunnach, ciamar, an comhair an Fhreasdail! a dh’éireas gu math do thograidhean ar dùthcha, is biorsamaid Ghall ’gan tomhas? Ach chi am fear a bhios beò an Gaidheal ’sa chànain air seilbh an còrach fhathasd. Sin agadsa rud ris an abradh an t-Ileach, fàisneas.”
“Tha cuid de Ghoill dàicheil gu leòr,” thuirt mi mar [1]dhorra-mheaghudh.
“Cha mhór nach d’thuirt thu rud glic le amas,” thill e le dreamadh-sùl orm. “Dàicheil? Puth! Tha’n donas dàicheil, fhad ’s a dh’fhàgas am Fìneach an lodar ’na phoit. Ach dé th’agad air?” lean e, is inntinn a’ toirt sithidh gu riochdan eile. “Cha tig dhuinn òganach Scalpaidh,—Iain Ruairidh,—’s an t-Ogha Mór, fhàgail air mireag an eòlais an Lunnainn. Ged is uasal a h-uile Gaidheal, cha mhór, airson sin, a chollaicheadh Iain Ruairidh, ann am bothan tubhaidh
- ↑ tarruing as