Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/106

From Wikisource
This page has been proofread.
88
AN T-OGHA MOR

Laobhrais, ri cùirtear éireachdail an lath ud. Ach cha’n e h-aon air an tainig an dà latha.”

Thug e sin domh cunntas a bha tearc is taitneach mar bu choimhlionta b’aithne dha. Ach ’s fheudar a’ ghuite chur an so ris; is bheir mi na dh’fhóghnas ’n’ur cead.


III

Cia luath ’s a dh’fhàg Fear-Scalpaidh lùchairt an righ, an ath-oidhch’—bha e air freiceadan-faire gu sid—rinn e gun dàil air tigh an Dotair Mhic Uaraig. Oir cha b’urrainn da làmh a thogail ri mac a’ Chrùin, ged nach robh am meachuinn ciadna ’ga ruigheachd a-thaobh a’ Mhoraire Godo.

Ràinig e tigh an dotair a bha fuireach ’san Strand. Thug e fuaim air clag; is goirid ’na dhéigh, bha Mairearad Nic Uaraig ’s e fhein ag ùrachadh eòlas a’ chèile. Bha ise suilbhire gu leòr; ach thar-leis gu’n a mhothaich e an-fhuras air choireigin ’na gluasad.

Nuair a ghabhas farmad beò, thig cruth gu h-obann air amharus. Bha inntinn a’bleith cho luath ri Lupaid a’greadanadh; agus mar a dh’éirich do’n fhear a chaidh a shnàmh ris an ròn, fhuair Iain e fhein na b’fhaide bho chala, na dhùraichd e.

Bha e fo theabadaich dà nì sonruicht: miann sùgraidh air òigh, agus an-earbsa ’na thurus. Bheireadh e, mar sin, an saoghal ’san domhainn airson rùn a cridhe fhaotuinn air bhrath. An robh i aineolach air inntinn a’ Phrionnsa Frederic dha taobh? Is ma bha i a’ toirt a sheòil air mhisneachd, an robh i ’mothachadh