Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/107

From Wikisource
This page has been proofread.
89
EARRAIG CHEILIDH

dochann a cliù? Ach gu h-àraid, am b’ann le cead a roghnaich am Prionnsa taghal oirre?

B’iad sid iomairt nan ceist air nach d’fhuair a dheòin breithneachadh. Bha Mairearad fhein ann an dreach ro-àillidh, ’s i ’ga chumail an geasaibh, gun fhios dith, mar éigneach fo bhinn Druidh. Mar is minig a thachair do fhear ann an gaol, fhuaireas Iain aig an àm ud le teanga’ dhoicheallaich. Ma thug ise ’n aire da chàradh—is bha esan a’ creidsinn gu’n tug—cha d’rinn i oidhearp air leisgial ’ga chuideachadh. Is e bhuil a bh’ann, gur mór nach b’fheàrr leis fuireach aige fhein bho thoiseach. Air an làimh eile, roghnaich e, mar chion-fàth a dhleasanais, àite-saoraidh a sheasamh, na’m biodh a bhean-dùthcha ’na eisimeil.

Thug am beachd mu dheireadh a dh’ionnsaidh eagar a ghnothuich e; is chunnaic e nach robh dol-air no dheth aige, ach modh a chùraim a chur an tairgse.

Cha’n’eil thu idir ri fhoghlum gu’m b’e ceanaltas nam balbhan a bha eatorra, fhad ’sa bha beus nan smuaint so a’ dol air deilbh. Air a’ chaochladh, bha Iain ann an cathair ghairdeanaich ri taobh an teallaich; is Mairearad air suidheachan goireasach mu choinneamh, le bian féidh fo casan. Theagamh nach robh seasgair an t-seòmair aca air bharr-suaicheantais ionraic, neo thug an t-Ogha Mór—a rinn iomadach céilidh fhad ann—dealbh-cunntais air. Air na thug e tarruing ’san rathad sin, b’e dà uinneig mhóir, a bha coimhead air teis-meadhoin na sràide. Co-dhiùbh, bha iad air lobht àrd no ìosal, ’s ann aig’ an t-Sealbh a tha brath. Ach a aon nì bha Iain cinnteach; agus b’e sin gu’n robh