“Tha’n uair agam a bhi tarruing,” thuirt e, mar gu’m biodh e airson a bhi cuidhte ’s na bha fo uidhe.
“Ochan tha!” dh’osnaich a mhàthair le caoidh anns am breithnicheadh fear-amais taibhsearachd.
III
Bha’n t-anamoch a-nise gu math air ruith—spiorad na h-oidhche sìnte na chiabhaig mu ghlabadh nam beann cìara; is cluain ianach ’nan clos, mar phìobaire sgìth ’na chadal, ’s a mhàl fo cheann am pasgadh. Sguir a chailleach-oidhche dhith fhein a chomhachadh. Ach bha’n dialtag fhathasd, ’s i plapail ri lòsan na h-uinneig; is cha bu mhath am manadh fear-turuis i.
“Gu’n cobhair am Freasdal mi!” ghuidh an t-seana-bhean dian fo h-anail, nuair a thug i an aire dhith. “Ma thig a chula-ghràin ud a-stigh cha bhi rath an lorg Iain.”
Cha robh ian luch-cheannach na h-oidhche fada ’sgiathail gus an d’fhuair e toll; is mun tug a h-aon aca fainear mar a thachair, thuit an dialtag ’na glag ’s a’ ghrìosaich, an déigh an crùisgean a chur as. Dh’ éubh a chailleach na creachan. Sgapadh an luatha. Thòisich Iain ri mionnan; is chaidh an tigh gu tur bho sheadhachas.
“Tha’n fhàrdaich air a’ gonadh! Las an solus! Sìn domh an crùisgean,” ghoileam an t-seana-bhean—i fàsgadh nam bas, ’s i air a corra-cnàmh a’ [1]rùtachd airson sliseag chonnaidh. “Eudail! Nach ann dhuinne dh’éirich e. Fhuair thu’n crùisgean a lasadh? Ach hala! Nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà, ni a’ chràinn
- ↑ rùnrach aréir an fhoclair