Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/150

From Wikisource
This page has not been proofread.
132
AN T-OGHA MOR

cobhair, mu’n d’thuirt a’ chailleach Leódhasach. Cha toir bó da laogh ach na h-aice. Hala, rithisd! Cha’n ann gun fhios c’arson a dh’ionnsaich muime Alain Duibh Oig Mhic Iain ’ic Fhionnlaidh Ruaidh, bràthair do’n chiad bhean, a bh’aig Alasdair Cuagach, a bha ’na leistear aig Domhull Scalpaidh—eòlas-air-sian domh!”

Cha do dhrùigh ciall a’ mhonbhuir so air Iain, gus am fac e mhàthair a’ càradh crogan creidhe air a’ bhòrd mu choinneamh.

‘Ach an ann a’ dol a chur sian orm a tha i?’ Dh’fheòraich e ’na rùn; oir ’s ann ri ’g ràdh ribhs e, cha robh e idir diombach ti’n fo geasaibh.

Ghlac cion-furais e; ach ma ghlac bha mhàthair cho trang ri ban-aba ’si paidireachd. Rèitich i cùil anns an robh ciste ’n anairt fo thurraraich, bho’n a chuireadh seachad i le [1]àr-uidheam an fhir-nach-maireann.

Thog i am bòrd-uachdair le Oich! is Ochan! Oir leum a cuimhne bliadhn’ is bliadhn’ air ais, a dh’ionnsaidh na moch-thrath dhuachnaidh anns ’na ghiùlaineadh Ruaraidh Og—’se ’na raganach fuar—bho Chreach nan Abrach. Tha, is bithidh aithris air an oidhche bha sid.

Cha’n’eil uair a chluinneas, no léughas mi mu thogail nan creach, nach faic mi Iain Og Mac Rath ’na shuidhe ’san t-sasaig roi’n teine—e crom, crotach, ’sa chorrag ’na dheàrna—cuid againn ’nar guraban mu’n cuairt dha—cuid eile rìoghail air aodann na brìge-mòine—a’ bheinge loma-làn de bhrogaich bheachdaidh—uisge cur nan sùl as an fheadhainn a bha muigh—bràdhadair mór teine air meadhoin an ùrlair—na céileadairean uile sunndach,

  1. éideadh-catha