Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/166

From Wikisource
This page has not been proofread.
148
AN T-OGHA MOR


“Thuirt thu na th’air, gun a bhi ’ga àibhseachadh,” fhreagair Alasdair air a shocair. “Am facal a thug mi seasaidh e.”

“Far am bìth sinn, bi sinn ann,” lean Gilleasbuig ’s e, aig an àm chiadna, ’g iarraidh làimh gach fir diubh air a ghealladh.

Bha bòid an dìlseachd ann an rùn an cridhe—bunait nach do bhrist druidheachd an t-sodail is duais ’na chois, no cunnart am bàis le dòigh air a sheachnadh. Sheas iad ’nan tosd car tiotadh mar gu’m biodh iad a’ cluinntinn monbhuir iongantaich a’ siubhal na h-ìarmailt’. Thionndaidh iad an aghaidh bho mhuir gu monadh—gach fear ’na rùn a’ faicinn spiorad nan ioma cian a’ fàgail a sheallaidh anns na h-àirdibh; is iad a’ deanamh air tional nam flath ann an gleannaibh ciar a’ cheò.

Tha beart-dheilbh nan dàn a-ghnàth a’ fighe agus a’ cur codach gach duine ré cian air leith dha; is criòch, obann no anamoch, air ruith bho iteachan tathaich. Le so ’san amharc, có esan cho coma ’na dhòigh, ’s a bheiridh an saoghal, easgaidh fo cheann, na’n robh cuigeal an dàin air a deanamh soilleir roimh làimh dha?

******

Dh’earb Iain ga’n iad ceangal na sgoth’ a leigeil fo na mhuir, ’s nach biodh e fada gun tilleadh. “Thug mi fios do fhir Bhreacais,” lean e air aghart, “iad cruinneachadh a dh’ionnsaidh Creagan-an-Leabhair, cia luath ’s a chluinneadh iad fead bhuam. Innsidh mi