ann an sin daibh, le cuideachadh an Fhreasdail, dé an turus air a’ bheil mi, agus, mar an ciadna, ’n cunnart tha na lorg.”
Gun tuilleadh dàlach, ghabh e tarsuinn an Oitir, is gàmag aige.
IV
Ràinig Iain Ruairidh mullach Cnoc-nan Curran, far an tric a rinn guilbrnich cròileagan; is an d’fhuair buachaile fàsaich fasgadh, nuair a bhristeadh sian-dubh mu uchd Charn-Donnachaidh, ’s a dhùmhlaicheadh mìll uisge air taobh an t-silidh de’n Fhireach-Clach.
Thug inntinn iomadach sitheadh aisde mun do sguir a chas a shiubhal air an fhàireadh ud. Mhothaich e—ge b’e ciamar a bhiodh an deireadh—gu’n robh cruaidh-fhortain ann an tùs a shlighe. Is cha b’ann air seòl ’na h-aonar a nochd i gnùis dha. Oir bu shàrachadh saoidh, gnè ’sam bith dhiubh a ghiùlain. Bha e’ fàgail a mhàthar gun chul-taice; bha e toirt a chùil ri Ceann-cinnidh a dhlighe; is bha e dealachadh ri Eilidh, nach do mheal e—cha mhór ach eadar-da-thràth mar leannan. Air an taobh eile, bha’n rìgh dligheach ’san amharc aige—e tagairt a sheirbheis, fhacal ’na chluais; is e ghnàth a’ bigeireachd.
Tha cothrom rogha mar a dhearbhadh. Leum e an comhair a chinn—mar gu’m b’eadh—ann an coileach an t-sruith, far nach dean ceasad teanachdas.
Is ann, mar sin, le deòin ’s i togairt, a ghuidh e gu’m biodh rath nan dàn ann an lorg a thuruis.
Ionnan, mar a rùn, stad e air ball a choiseachd.