Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/194

From Wikisource
This page has not been proofread.
176
AN T-OGHA MOR

mar gu’n tigeadh uireas air a h-ùidh ann, bha e ro shocharach.

“Dé tha Iain Tolmach a’ cur ris a-nise?” dh’ fheòraich i an ceann greiseig.

“Am poll—an rud a bha Niall a’ cur ri chasan,” fhreagair Raitean le conas, “’sa’ dol mu’n cuairt mar a bha’n fheannag a’s t-fhoghar.”

Bha toiseach aig Raitean air fàs sgìth dhe’n t-seòrsa ceisteireachd ud: is thug Mairearad an aire dha sin, cuideachd.

“Thuirt thu’n ceartair?” ars’ ise, “gu’n d’fhalbh Iain Ruairidh le bàta; ach an e sin uil’ e? Is fheudar gur a th’ann dh’iasgach a bhiodh e dol?”

“Cha’n ann idir,” fhreagair Raitean, is e geòbail le bhial, mar gu’m biodh e air a leith-thachdadh. “Dh’innis Eilidh rud!”

“Dh’innis Eilidh rud!” dh’ aithlis Mairearad; “ach có th’ann an Eilidh.?

“Rinn i sin, a bhana-charaid,” dhosaich Raitean, is e mu-làimh ri at le gasdachd. “Có th’ann an Eilidh?—dalta an Ridire Tholmaich, agus nighean Fear-Lusaidh. Tha thusa bòidheach; ach a [1]gheallaras gun toireadh Iain Ruairidh bréid air toiseach dhith sid.”

Dalta do’n Ridire Tholmach, smaointich Mairearad ’na rùn. Dh’innis i rud do dh’Iain R———Tolmach. Ciod e an rud sin? Am beil buinteas aige ri gnothuch a cuairt?

“Nise,” dh’fhoighnichd i, mar gu’m biodh i leanalt a meòrach, “faiceam, a Thor—”

  1. an geall air fios