Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/195

From Wikisource
This page has not been proofread.
177
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR

“Raitean, abair,” ars’ esan; “oir is e is fheàrr a thuigeas mi.”

“Seadh, Raitean,” lean i air aghart, “faiceam dé bha’n am beachd Iain Tholmaich, mur a h-ann a dh’ iasgach a chaidh e?”

“Tha—dol a thoirt dùthaich Mhic Leòid air.”

“An dean e sin leis fhein?”

“Có aige tha fios?”

“Is e sin a tha mi foighneachd.”

Bha seanachas a-nis’ a’ cordadh ri Raitean gu gasda; is shaoil e gu’m faodadh e bhi cho dàn’ oirre ri goisdidh Mairi Ni’n Oidhrig.

“Dé bheireadh Iain Tolmach bho thigh mu’n taca-so dh’oidhche?” thuirt i ’s a h-inntinn a’ dol an deilbh air iomadach seadh.

“An éiginn, ma-dh’fhaoidte,” fhreagair Raitean—“an rud a thug an earba do’n loch. Ach chuireadh Eilidh earball eil’ air.”

“Chuireadh!”

“Dheanadh i sin, fhein,” chum e roimhe. “Oir rinn i farchluais air Mungan Tuathal a’ cur chuilbheirtean air cuigeil, greiseag mu’n tainig an oidhche.”

“Cuilbheart?”

“Seadh! Cuilbheartan,” dh’ aithris e; “is cha bheag iad. Chuir iad Rob Crotach air shiubhal do Dhun-bheagain leotha.”

“Leotha?”

“Seadh! Leotha! Dé tha ’cur ort? Nirre! Tobar sin, is Tobar-tà; tobar aig an toirear blàr; marbhair Torcan nan tri Lachlainn gu moch, moch aig Tobar-tà.

K