Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/209

From Wikisource
This page has not been proofread.
191
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR


an fhòid, feumair gabhail ris,” lean e brunndail; is e aig a’ cheart àm, a’ slaodadh a’ chuirp gu taobh an eich, far na chuir e na casan aig’ an sàs ann an cas-éill na diollaide, mar gu’n tuiteadh e an comhair a chinn.

******

Thug Raitean a shàil ri obair-dholaidh gun fiamh, gun gheilt. Fhuair e bàta freiceadan Ghlinn-éilge mach; is lìbhrig e na thug e dheth’n a Ghall, còmhla ris an litir a thug Mairearad dha.

B’e an ceòl-feadaireachd a bha aige dol seachad bho Lusaidh, a ghlac cluas Iain Ruairidh, agus e tilleadh a dh’ionnsaidh Sgeir na h-Oitreach bho Chnoc nan Curran.

Bha’n t-amharus trom air seilbh anns na làithean ud. Chuir e mar sin annas nach bu bheag air Iain, có bhiodh a’ siubhal an rathaid mu’n tac ud a dh’oidhche. Is—mar a bha’n gamhainn ’s a’ chachalaidh—’smaointich e am barrachd na thubhairt e.

Rùnaich e co-dhiùbh gu’m faigheadh e mach dé bha fo’n ian aig a’ choisiche; is thog e le sùrd ri àirde na feadaireachd. Ach mar is minig a dh’éirich do shealg a’ chait air clamhan, cha do thìll e gun sgobadh, is làrach nan crodhan ’anns ’a chraicionn aige.