Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/212

From Wikisource
This page has not been proofread.
194
AN T-OGHA MOR


II

Mar a bhrist a’ naigheachd bho lùib bial-aithris, dh’ fhàg Mairearad Tigh Mór Laobhrais fada mun a dhùisg duine bha stigh as an ciad-chadal; is chuir i, le cuideachadh rathaid bho’n Ridire fhein, srian air each a dh’ionnsaidh Aird an t-Strath’. Oir chual i gu’n robh Alain Camaran—tosgaire teuma nan Stiùbhartach—a’ gabhail aoidheachd an tigh Mhic Ionghuinn.

“B’ fheàrr lium nach d’fhàg thu Laobhras air a’ cheann so de’n oidhche,” labhair an Ridire, nuair a bha iad a’ teannadh ris an t-Sìthean.

Thionndaidh Mairearad sùil ghrad ’na rathad mun a dh’ fhoighnichd i dé bha cur dragh’ air.

“Dh’ìnnse na fìrinn,” fhreagair e, “cha robh agam riamh mu fhalbh na h-oidhche air an astar so.”

“Ciamar sin?” dh’ fheòraich i, mar gu’n tigeadh athadh oirre.

“Tomhais dé an t-ainm tha air an àite so!” thuirt e le guth fo anail.

“Cha’n urrainn domh,” thìll Mairearad gu h-ealamh “Ach cha chuireadh e annas orm,” lean i oirre le gàire cho cridheil ’s gu’n a dhùisg e Mac Talla bho leaba nan creag,—“ged a thigeamaid air bothag nam bana-bhuidseach, is caiginn chat aca ’gan ròsladh air earbuill ri slabhraidh. Tha e uaigneach gu leòr airson ana-cneasdachd ’sam bith. Ach dé their thu ris?”

“An Sealbh ’ga d’ ghleidheadh!” fhreagair an Ridire. “Bidh sinn an ceartair aig bealach an t-Sìthein. Agus gun fhios nach gabh thu eagal, tha e cho math dhomh do chur ’na t’fhaireachadh gu’ bheil iad a’