Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/213

From Wikisource
This page has not been proofread.
195
AN DROCH CONDRACHD


faicinn rud mu’n cheàrna so bho chionn ghoirid. Ach tha mi ’n dòchas gu’ seachainn e sinne.”

“Cha’n e sin domhs’ e,” leasaich Mairearad ann am beadradh còmhraidh. “Feumaidh mi tòiseachadh ri iadach riut.”

“Dé nis’ is ciall dhut?” chaisg an Ridire ’s e gléusadh a chridhe ri sodal nam facal.

“Dé,” arsa Mairearad ’s a h-aigne ann an glac na h-aimlisg, “ach gu’ bheil eagal ort gu’m faigh do shuiridhe chlaon a-mach thu.”

“Cha’n ’eil mi———”

“Nise,” chùm Mairearad roimhpe, “tha thu làn ceasaid. Cuiridh mi geall gu’ bheil leannan-sìthe agad; is tha thu airson a cumail am falach orm.”

Chuir an Ridire seòl air a tagradh àicheadh cho sgiobalta ’s a leigeadh a beurradaireachd sin da. Fhuair iad seachad air an t-Sìthein gun fhorbhas sam bith. Ach air dhaibh tighinn mu leith-chiad slat do dh’ eaglais Chille-chrò, thòisich an dà each ri ’n cluasan a thogaíl ’s a mhaoladh: ianraigean nach robh gun bheag cùraim do’n Ridire Tholmach. Oir bha gléus air a mheomhair gu’n robh an dà shealladh aig each. Co-dhiùbh thig an togradh sin ri mànran an dearbhaidh no nach tig, cha chuir gogadh nan ceann iomall air. Ach thig àm is àit’ air uairean anns an gabh an inntinn ceum-seòdail. Is buinidh e do dh’ àrach na cogais ciamar a thig an dùsgadh ri ar càil.

B’ ann air a’ mhodh sin a dh’ éirich an smuaint air an Ridire ’thug e le sitheadh nan deich-bliadhna-fichead air ais. Bha ’m fuar-fhallas a bha bhristeadh air a