Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/214

From Wikisource
This page has not been proofread.
196
AN T-OGHA MOR


bhathais a’ deanamh fianuis nach robh aigne sùgrach.

Leanamaid car tamuil, an rùn a thug Iain Pìobaire mar leisgial air na dh’ aithriseadh mu thimchioll, is gheibh sinn earras ar naigheachd. Ach cha’n ann buileach ’san dòigh sin a thachair an tinnsgeadal, no a chaidh inntinn an Ridrie Tholmaich air turrag na h-òige ’dh’ionnsaidh aonaichean fàs Ghlinn Shuardail. Thainig iomadach nì a-stigh air—thainig agus caochladh bheachd anns an tig béud ri iomradh.

Deich-bliadhna-fichead. Is mór an ùine sin ri amharc air ais. Ach is goirid e, ann an da-rìribh, ma tha cogais fo shréin aig achmhasan. An e sin a dh’ ùraich am beachd ann am broilleach an Ridire? Oir an ann a-chionn ’s gu’n robh cuimhneachain éigneach air gach laimh ’ga dhìteadh, a bha shùil ag iarraidh bho reilig nam marbh ri thaobh,—far an d’ fhuair òg-bhean do’m b’ aithne dha fois,—a dh’ ionnsaidh teallaich a h-àraich mun do dhrùigh sùgradh foill air a cridhe maoth?

Bhrist iomadh seòl-casaid air clàr-cùil na cuimhn’ aige; ach cha robh nì idir a thug fàsgadh air a’ chridhe bh’ ann, mar a rinn càradh Oidhrig Ni’n Dòmhnuill. Deich-bliadhna-fichead! Gidheadh, bha cruth na tràtha sin mar thionndadh duilleig da inntinn; is lorg e cùis-bhrath air nach d’ rinn aog no astar sgaradh. Deich-bliadhna-fichead! B’ e sin an dearbh ùine bho’n a choinnich e ri bean-chagair a mheallaidh. Ach ma dhiùlt e leasachadh a dheanamh air eas-urraim a h-earbs’ ann, cha robh éirigh no ’laidhe gun mollachd bean-dìolain ’na chluais. Agus theireadh cuid nach b’ann