air astar. Cha’n e mhàin gu’n robh an saothair an dìomhanas, ach bhiodh e ’na mheadhoin—ma bha leisgial ga dhìth—air Mac Leòid a thàthadh ri cuideachda Hanobhair.
Ach cha tig furtachd a iomagain; ni momha ni gogadh nan ceann iomaradh. Lùb gach fear, mar sin, a dhruim ri ràmh le spionnadh dùr; is cha b’ fhada gus na chuir eagar nan liagh ’s a’ bhogadh, an iùbhrach easgaidh air laidhe na tuinne.
Dh’ éirich feothachan de ghaoith an ear bho’n a dh’ fhàg iad an cladach, nach bu mhisd iad idir air fhionnaireachd. Ach bha balbhachd throm na h-oidhche mar thrusgan nan taibhs mu’n cuairt dhaibh. Is dhùisg e an còmhradh ionraic sin air an inntinn, tha buailteach a-ghnàth do’n ghineil a dh’ fhoghlumas cruth-spioraid ann an ciar nam beann.
Bha iad ag iarraidh gach rudha, agus a’cur bun gach loch ann an giorrachadh an astair. Bha iad, mar gu’m b-eadh, a’fàs mothachail gu’n robh ciorram air choireigin ’gam feitheamh. Ach cha b’urrainn a h-aon a thuigsinn dé an dòigh anns an tachradh e. Cha b’ ann a-chionn s’ nach deachaidh an turus leotha dh’ éirich an gruaman. Rannsaich gach fear a mheomhair a’ fèachainn có thuige bheireadh e tuairmse. Is air a’ cheann thall,—ged nach do ghluais beò air am facal fhathasd—laidheadh sùil, eadar sin is co-dhiùbh, air Iain Ruairidh.
Mean air mhean, thainig mar a ghearr an cù cuthaich Iain Ruairidh a-stigh orra. Oir cha robh cho baoth ’nam measg a bha aineolach air frìdeag a’ phuinsein