Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/238

From Wikisource
This page has not been proofread.
220
AN T-OGHA MOR


ud. Ach co-dhiùbh gheibheadh an galar an ceann-dolaidh, tràth no anamoch, cha robh a bhlàth ri sheachnadh a-nise.

Bha eadhon Iain a’ cur uibhireachd air fhéin ’s a’ faotuinn a chéille car a làimh. Dh’ fhèach e airson sin ri strìth ’na aghaidh, ged a bha e mothachail gu’n robh an uair gu teann ’ga ruith. Bha tart is tacadh a’ tighinn le pian air còmhla. B’ ann air éiginn a bha e ’ga chumail fhein fo cheannsal. Oir ged a bha fiamh air inntinn, thigeadh leum neònach an déigh a’ chéil’ ann. Ach air eagal gu’n tugadh e diachainn do na bha leis, chìte bhial a’ toirt glamhaidh as, ’s e deanamh greime le dhà làimh air taobh-stoc a’ bhàta.

“Mo thruaigh, fhearaibh,” labhair e le guth cianail, is tùchan ann, “tha’n t-éug air mo shiubhal. Thainig iomadh nì ’nam charaibh, ach ’s i so a’ chrìoch. Na’m b’ e toil an dàin e, roghnaich mi bàs eile; ach cha’n ’eil sin ’gam fheitheamh. Bha fiosam—is tha mi a’ tagairt ’ur mathanais, mu mheall mi ’ur turus—gu robh galair mo bhàis air mo shiubhal, nuair a chuir mi mo rian air manadh duibh. Ach ghabh mi an leisgial gu’n tigeadh ceann mo shaoghail ann an teas a’ chatha. Bhuail an dòchas ’nam chridhe gu’m faighinn na bha dhìth orm bho làimh nan Leòdach—bàs duine ’s a chiall aige. Ach mar a chi sibh, cha robh mo chobhair ann. Chaomhainn an t-sian aig mo mhàthair mi a-chum crìche na bu mhollaichte. Tha e ri dheanamh, a dheadh chompanaich. Feumaidh sibh cuisle fhosgladh, ’s mo thràghadh gu bàs. Cha’n ’eil meachainn ri cheadachadh; oir cha lean mo rian ro fhada tuilleadh mi. Is na’m