biodh fios agaibh dé an t-strìth ’s a’ sàrachadh inntinn fo’ bheil mi, cha sheasadh sibh aiteal eadar mi agus saorsa.”
Sheall na ràmhadairean air a’ chéile; ach bha tiomadh air an fhear bu làidire mèin. Is ged a b’ fhearadhanna, garg, ri cunnart iad, bha fliuchadh nan diar ’gan tréigsinn.
“Ma chuir sibh riamh meas air Iain Ruairidh, no chàirdeas, cha diùlt sibh mo ghuidhe,” lean e air aghart ’s e ag éirigh ’na sheasamh. “Cha’n ’eil an dàil ri dheanamh. Oir tha’n smuaint a’ cur uamhais orm, gu’m fàg mo chiall mi, ’s gu’n toir mi oidhearp air dochann fear, no fear agaibh.”
Stad e labhairt; is thug e sùil, a sgàineadh cridhe nan dealg, bho fhear gu fear diubh.
“Tha mi dol a ghabhail beannachd leibh fhad ’sa dh’ aithnicheas mi uile sibh,” thuirt e, is e toirt an dudar-leuma gu toiseach a’ bhàta.
Cha b’ e sin am fàsgadh neo-shuimeal a thug e fhein ’sa sgioba air làmhan a’ chéile mun a thìll e a dh’ ionnsaidh an àite-stiùiridh air ais.
II
’S e an di-chuimhn’ a rinn e nach tug mi tarruing roimh air; ach bha Gilleasbuig na Sgeine de ’n sgioba cuideachd. Agus bha ìnnleachd air cuisle bhualadh aige-san. Cha’n e mhàin gu’n robh e na dhuine sgileir, ach bha e, mar an ciadna, ainmeil ann an seadh eile—airson a chreideimh is a chùraim. B’ e am facal, ‘iomchuidh’ a ‘b’ fheàrr a fhreagradh air.