Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/240

From Wikisource
This page has not been proofread.
222
AN T-OGHA MOR


Nise, laidh gach smuaint air Gilleasbuig, ach dé a chomhairlicheadh e. Is ged a bha e dhe na comhaoisean riutha fhein, bhathas a sealltainn ris nuair a bhiodh créuchd ri gabhail aige. Ach ma ghabh thu ùidh anns a’ chuid so de’n naigheachd, bidh tu toileach a chluinntinn, gu’ bheil a’ lannsa-chruith a bh’ aige, air sgìalaibh fhathasd ann an tigh a ghabhas ainmeachadh ’san Ath-leathann.

Air eagal gu’n tog e caramasg ’nad inntinn, bha dà Ghilleasbuig le Iain Ruairidh: Gilleasbuig an Cuislear, agus Gilleasbuig an tàibhsear, no Gilleasbuig Mac an Tòisich. Buinidh am fear mu dheireadh ri sealladh tachartais a chuir gaoir tre’m feòil air fad.

“Coimhead thu nis e!” chagair e ri Alasdair Aonghais a bha ri thaobh air a’ ràmh ghuailne. “Tha solus a’ leanalt a’ bhàta bho’n a dh’ fhàg sin dùthaich Mhic Leòid.”

“Dhia gléidh sinn!” ghuidh Alasdair ’s e a’ leigeil as an ràimh; is cha mhór nach deachaidh Calum thar na cliathaich a’ breith air.

Bha leithid de dhragh orr’ uile a-thaobh staid Iain Ruairidh ’s nach do smaointich iad nì as an rathad dhe’n tuiteamas ud. Ach cha do chum sin am facal air ais gu’n robhas a’ faicinn tathaich mu thimchioll a’ bhàta.

Cuimhnich nach ’eil mise ach a’cur na sgeòil air inneadh Iain Phìobaire. Is ma dh’ ìnnseas mi’n fhìrinn, bha brag aig mo chuisle am feadh ’s a bha mi ag éisdeachd ris. Ach nuair a chuala mi bho Iain Og a-rithisd e—is sinn air aghart na céilidh mu Chalainn—dh’ fhàg e