Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/28

From Wikisource
This page has been proofread.
14
AN T-OGHA MOR

Tha toiseach aig an iasg air gabhail, smaointich an Ridire, ’s e ’griobadh Mhic Fhraing air falbh leis. Ach cha robh e airson a rùn a chasadh. Oir bha e làidir dhe’n bheachd gu’m b’ann air tàilleabh Mhic Coinnich a chaidh Una do’n fhéill; is na’n tigeadh do Mhac Fhraing a faicinn ’na chuideachda, fhuair e fhein gun spàirn, na bha dhìth air—còir air Eilean Scalpaidh, is Eilean Phabaidh.


VI

Is gann a nochd Una ri iomall na féille, na bha Iarlom Mac Coinnich ri ’taobh. Rinn iad furan gun aithris ri chéile; oir bha iad air cnàimh an rathaid, is folaiseach do’n t-sluagh. Ach bha esan coma có chitheadh, no chluinneadh e. Bha briathran a dheòin a’ruith air a theangaidh le caomhalachd nach buin ach do Ghàidhlig a mhàin.

“Gu dé tha ceàrr?” thuirt ise le athadh, ’s i ag amharc thar gualainn Mhic Coinnich.

Bha esan anns an togradh nach gabht’ airson sùgraidh. Oir b’ann le lasadh-feirge ’na aodann a lean a shùil an rathad a bha Una a’ coimhead. Ach thionndaidh a chorruich gu cùram, nuair a thug e an aire dha’n dà fhear a chunnaic e carachd an toiseach, is iad ris a’ chleas chiadna nise ri ’thaobh.

Thòisich an sluagh ri dùmhlachadh mu’n cuairt dhaibh. Ach ged nach b’urrainn da rian a chur air ’san àm, mhothaich e gu’n robh an còrr ’ga amharc fhein, na chumadh ri bhaisteadh e. Cha robh cothrom dol as aige, na’n éireadh [1]tuaireap; an rud a bha h-uile

  1. sabaid le dortadh fola