Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/29

From Wikisource
This page has been proofread.
15
AN T-OGHA MOR

collas air. Thuig e a chunnart; ach, mar bu dual do shìol na Féinne, cha tug a rùn àite-builgidh do gheilt, no dh’eagal.

“Clann ’ic Fhraing ’s a’ Gharbhag-shléibhe ’nam bonaid,” labhair Una beag ’na chluais. “Tha’n aimhreit fodhpa. Coisich liumsa,” ’s i ’cur a làimhe air a ghairdean.

“Cha tig e do Mhac Coinnich e fhein a theanachdas fo sgiatha boirionnaich,” fhreagair e le fiamh gàire, thug rughadh blàth ’na gruaidh agus léum air a cuisle. “A-chionn nach’eil còir le cead agam air do chuideachda, mholainn dhut an fhéill fhàgail. Oir tha eagal orm gu’m bi clò air cleatha bho fheasgar, a bheir a’ Bhean-nighe do’n àllt. Ma gheibh mi cuidhte ’s na greannain so, am faic mi aig an Ath thu a-nochd, agus c’uin?”

“Chi,” ars’ ise, “nuair a dhùinear an duilleag, ’sa sgaoilear am breacan, ’s a théid a’ marbh a thiodlacadh a’ bheò! Buaidh dha d’ laimh, is beannachd do mhisneachd dhut.”

Aig a’ cheart mhionaid a bha Una a’ dealachadh ri Iarlom Mac Coinnich, có thainig air fàireadh ach a bràthair, is Mac Fhraing.

“Nach dubhairt mi riut,” ars’ an Tolmach, cia luath ’s a chunnaic e ’phiuthar, “gu feum fear nan cuaran éirigh uair roimh fhear nam bròg? Cuir Scalpaidh is Pabaidh air ceann-gìll, neo rinn an Sàileach mór an gnothuch ort.”

Sheas Mac Fhraing, is e cur a bhoise fo uilinn, anns an dòigh a bhiodh aig an Ileach ag aoireadh an Donais. Ma thuig e rùn an Ridire, thar-leis, gu’m b’e sid an t-àm