Air dhith so a labhairt, sheall i giar air a bhean-fhrithealaidh, agus a-rithisd—mar gu’m biodh i air son togail a beadachd—dian air an dorus.
’S ann le cridhe goirt a bha Ealasaid a’ gabhail ealla ri bana-mhaighstear a gràidh. Agus ge b’e cho mór a dùrachd, cha b’ urrainn i a chleith oirre fhein, no té a h-aire, gu’n robh an dealachadh buan dlùth air làimh.
II
Bha Una ann am breislich àirde fiabhruis. Ach cha robh Ealasaid cho mi-sgilear ’s nach aithnicheadh i gu ’n robh an còrr is éucail bodhaig an co-cheangal ri a tinneas. Cha do chuir e, mar sin, an t-ioghnadh bu lugha oirre, nuair a thug Una tarruing air ‘dìomhaireachd’ is ‘earbsadh.’
“Ealasaid,” ars’ Una a’ bristeadh na tosdachd, “tha uallach air m’inntinn cho trom ri aithreachas. ’S ann an dràsda tha mi faicinn nach’eil cleith air an olc ach a sheachnadh.”
“Is làidire Dia na uile pheacadh an t-saoghail; agus na’s nomha na sin, tha thròcair saor, ’s e an còmhnuidh an tairgse.”
“Na biodh cùram ort gu’ bheil mi siubhal gun dòchas: cha’n ’eil. Ach, mo chreach staid na muinntir air an tig dìoghaltas rùn nam biodag nàimhdeil,” labhair Una ’s i suathadh an fhuar-fhallais de chlàr a h-aodainn. “Ach éisd rium! Oir air mo thàilleabh-sa thig feachd millteach air tigh Mhic Fhraing. C’arson! an abair thu?—Air son gu’n a dh’ìslich mise oighre Ceann Cinnidh Chloinn Choinnich—tighearn òg Eilean