Donnain. Mar a bhios an dàn, ’s ann a thachras. Gealladh m’ òige, rùn-geallaidh mo chridhe. Bu diomhair ar còmhail, ach ro dhiomhain ar bòidean! Thainig an toirmeasg eadar sinn; cha robh e mar fhiachaibh air an Ridire comhstrìth ghamhlasach an dà theaghlaich fhaicinn fhathasd aig crìch. Cha luaithe fhuair e mach gu’n robh oighre Mhic Coinnich an rùn pòsaidh dhomh, na chuir e stad air ann an dòigh nach do shaoil mi. Agus, is e so an dràsda tha dìteadh mo spioraid. ‘Fhuair mi fios bho Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil,’ bu chiad rabhadh a thug e dhomh air dé bh’ air aire. ‘Tha thu nise aig aois pòsaidh,’ chum e roimhe le guth a shearg cochal mo chridhe. ‘’S cha’n fhaic mi na’s freagarraiche na sibh a dhol an làimh a’ chéile. Co-dhiùbh, ’s e sin mo thoil-sa; ’s mar nighinn dhleasail bheir thu géill dhith.’ Cha d’ fhuair mi fiù ’s aona chothrom casaide ris. Rud a dh’ iarras an Tolmach, nì Tolmach. Thaom dòchas a mach as m’ inntinn; oir ged a b’ fhuath lium reachd m’ athar, cha tugadh airc dhomh misneachd a bhi eas-umhail. Aon chòmhail, ’s aon dealachadh cràiteach eile, ’s chunnaic mi sealladh mu dheireadh air oighr’ Eilean Donnain. ‘Teich liumsa!’ thuirt e an geasaibh-cainnte gu leòr. ‘Oir an latha nach dìon Mac Coinnich bean a roghainn, chaill gaisgich an tapadh.’ Ged bu shearbh an diùltadh b’ fheudar e. Nuair a dh’ innis mi dha an gnothuch mar a bha, thòc aodann le àrdan-feirge; bhà e fhein ’s Mac Fhraing an rùn nam biodag da chéile. ‘Is ann mar so a ni an Ridire Tolmach tàir air Cloinn Choinnich; an ann?—Agus a ni Mac Fhraing cùis-
Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/41
Appearance