II
Mar innis do’m b’fhiù le sgàilean nam bàrd bhi tional, tha Eilean Donnain ’na chrùban tlusar a’cadal; is dubhar ioma-chruthach nam beann mu chòsan ag iathadh gun sgìos.
Cha’n’eil ach na totaidhean ri’m faicinn de Chaisteal Dhonnain an diugh. Tha’n dialtag, ’sa’ chailleach-oidhch’ air seilbh nan tùr, anns an tric a bha caithris nan àrmunn an sunnd catha; basdalachd nan cuach mu’n bhòrd; agus, mar an ciadna, caidreach chaomh nan trom-rasg a’togail fàiridh ’s a’ chamhanaich fhuar.
Ach fàgam an t-eilean comharraichte so an dràsda far na dheasaich nàdar a luach; is gabham beachd air an turus dhiomhair a thug Ealasaid—bean-ghlùine, is banaltrum Mhic Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil—air ceann-uidhe, cho cunnartach, seòlta, gu ruige daingneach a dhearg-nàmhaid—am Moraire Mac Coinnich, Maor-mór Chinn-t-Sàile.
Thachair [1]turrag a gnothuich aig toiseach bliadhna nan gràs—Seachd-ciad-diag-agus-a-h-ochd-diag—mu’n àm ’s an robh aghaidh bhrucach an Fhaoilich a’ glasadh an fhearainn.
Ma ghabh thu’n tlachd a rinn mise ’san sgial so, thig a’ cheist ’nad inntinn, Ciamar a chaidh aig boirionnach leatha fhein, agus leanabh ’ga altrumas aice, air aiseag a’ Chaoil a dheanamh ri oidhche, fhiadhaich, dhorcha, Gheamhraidh?
Chuir mis’ an dearbh cheist ri Iain Og, uair dheth robh ’n saoghal. Ach ma chuir, cha robh cearb air a fhreagairt.
- ↑ cnag, no udalan an so