Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/56

From Wikisource
This page has been proofread.
40
AN T-OGHA MOR

“Thoir an aire,” ars’ esan, “nach ann de dh’eireagan diùididh na tì, no chnàmhan tioram nan Gàll, a bha Ealasaid-fhiataidh-a’-chora-bid, mar a chanadh an t-Ogha Mór le blaomadh. Bha i, mar a bha gineil a latha, greimeil calma. Bu choingeis leatha, bac bàta ri bac puill-mòine. Lùbadh i liagh ràimh an achlais nan tonn cho easgaidh ri làn fhear-mara. Bheireadh i caora-sheasg a monadh gun a h-anail a bhristeadh. Cha toireadh té eile dhith e a’cur corrain fo dhlò. Dheanadh, is sheinneadh i òran cho math ri Mairi Ni’n Alasdair Ruaidh, ged nach’eil dad air sgial a-nise dhiubh. Bhiodh dreach air cleath-luathaidh, far an cluinnt’ a binn-ghuth a’toirt fleasgaich a ùradh. ’S ann oirre chaidh luinneag a’ chleachdaidh sin fhàgail:

Gairidh an coileachan uair roi’ là;
Có ’n gille òg tha tighinn ’na bhaile so?
Gairidh an coileachan uair roi’ là!

Nise, cha tigeadh rud ’sam bith ’na car nach toireadh i oidhearp air. Bha i mar a chuala tu, cho math am bun tinnis, ’s a dheanadh i sniomh, no breabadaireachd.

Tha’n t-aithris gu’n robh neart anabarrach aice. Is gun a bhi cur mo sgeòil an iomrall, bhuineadh a cuideachda do Shuidhsnis—am baile bho’n tainig mi-fhin. Bheir mi aona naigheachd bheag dhut oirre, a dhearbhas a tapadh, ’sa h-ìnnleachd na’s fheàrr na dheanadh bleidire Mhic-’Ille-Chalum, ged bu mhór a sgathadh.

Bha Ealasaid fada ’na banntraich le aona mhac, ris an canadh eòlaich, Fearchar Mór a’ Ghunna, na’m