loch—mar a theireadh cuid—am far-ainm. Oir bha e iomraideach ’san linn anns an robh eòlas air leigheas nan luibh ’sam brigh, ’ga mheas mar urram. Aréir bial-aithris, bha bhuadhan ’san oilean so, ’na ghnè da dhaoine. Tha eachdraidh a’toirt cunntais air bràthair dha, bha ’na dhotair ainmeil ann an Dun-éidionn. B’e an Lighiche Mór Mac Uaraig a rachadh a thagairt, na’m biodh easlainnt no tinneas an eisimeil faochaidh. Ràinig co-sheirm a chliù thairis gu fad air iomaill a shaothrachaidh.
Bhiodh e ti’n rathad an Eilean Sgiathanaich air uairean, ’s a’ cur seachad tamuil dhe chuairt le bhràthair—Domhnull Gheàrr-loch—ann am foghlum gnàth nan luibhean.
Mu bhliadhna-gu-leith an déigh do dh’Ealasaid an leanabh a thoirt dhachaidh, có thigeadh tiomchioll ach an Lighiche Mór a Dun-éidionn. Bha Domhnull mu’n àm chiadna, ’s e trang a’ dearbhadh na h-éifeachd a bh’ann an sùgh Lus nan Croibhseag airson galair àirnean, mar a mholadh Bean a’ Ghranntaich.
Tha an luibh so a’ fàs fiadhaich ann an Eilean Eige. ’S e rud a bh’ann, gu’n d’fhalbh e fhein ’s an dotair air a los le sgiob’ is bàta. Dh’fheòraich iad bho mhuinntir an eilein, c’àit’ an robh an luibh ri faotuinn. Ach ged a b’aithne daibh a h-ionad ’sa brìgh, cha do ghabh iad dad orra ’dheanadh an ceann-turuis a chuideachadh. Cha b’ann idir bho dhroch rùn, no ana-coingheall a bha so; ach air eagal gu’n saoileadh neach ’sam bith, gu’n robh iad fhein, no duine bhuineadh dhaibh a’cur feum’ air cungais. Dh’fhóghnadh biolair uaine, is uisge